tasglann

Liosta freumhan sgìre Bharraigh

Seo liosta de chlàran a tha air an tasgadh aig Tasglann nan Eilean Siar agus buidhnean eile aig a bheil buinteanas ri Eilean Bharraigh. Cuir fios thugainn ma tha fios agaibh air clàran eile a bheireadh cuideachadh dha luchd-rannsachaidh. 

Tha na leanas air an cumail ann an Steòrnabhagh agus gheibh sibh sùil orra tro Tasglann nan Eilean Siar. Ma tha sibh airson catalog fhaicinn, leig fios.

SUSBAINT:

            1         Clàran riaghaltas ionadail

            2          Sgoiltean

            3          Clàran a chaidh a thoirt dhan Tasglann

            4          Freumhan eile

 

1          CLÀRAN RIAGHALTAS IONADAIL

            Tha na clàran seo air an cumail ann a Steòrnabhagh

Comhairle Sgìre Bharraigh:

Air a stèidheachadh ann an 1845, bha e an urra ri paraistean airgead a chruinneachadh airson faochadh nam bochd. Chaidh a chur as dha Comhairle Paraiste Bharraigh ann an 1930 agus chaidh an dleasdanas gu Comhairle Sgìreil Bharraigh.

Minutes 1891-1930

Scroll Minute Books 1899-1948

Finance committee minute book 1906-1910

Applications for parochial relief 1910-1929

Applications for relief 1930-1937 (open 2012)

Applications for relief 1937-1968 (open 2044)

General Registers of the Poor 1878-1932

Payroll 1930-1936 (closed until 2012)

Payroll 1969-1941 (closed until 2017)Payroll (Public Assistance Department) 1941-1963 (closed until 2039)

 

Comataidh Sgìreil Uibhist a Deas agus Barraigh

Chaidh comataidh sgìre a stèidheachadh ann an 1890 ag obair as leth Comhairle Siorrachd Inbhir Nis. Bha iad a' coimhead as deidh ròidean agus drochaidean agus goireasan ionadail eile. Chaidh a chur as dhan chomataidh ann an 1930.

Minutes 1890-1930

Ledgers 1897-1929

 

Comhairle Sgìre Bharraigh

Chaidh Comhairle Sgìre Bharraigh a stèidheachadh ann an 1930 airson obrachadh as leth Comhairle Siorrachd Inbhir Nis. Bha iad a' deiligeadh ri slàinte a mhòr-shluaigh, seirbheis banaltraim, taigheadas, ròidhean, cidhean, burn agus drèanadh. Cha robh iad a' deiligeadh ri seirbheis am poileis agus foghlam. Chaidh a chur às leis ann an 1975 agus chaidh na dleasdanasan aca gu Comhairle nan Eilean Siar.

Cash books 1930-1953

 

Taigh nam Bochd Long Island, Loch na Madadh

Ged a bha e stèidhichte ann an Uibhist a Tuath, bha taigh nam bochd ann a Loch na Madadh a gabhail a-steach Na Hearadh, Uibhist a Tuath agus Deas agus Barraigh agus bha na sgìrean seo a' pàigheadh airson an togalach.

Minute books 1875-1942

Letter books 1914-1933

Cash books 1910-1930

Ledgers 1886-1930

       

2          SGOILTEAN

NB:      Tha leabhraichean latha dùinte chun luchd poblach airson 35 bliadhna agus tha clàran sgoilearan ùr (admission register) dùinte airson ceud bliadhna bho an deit mu dheireadh a tha sgrìobhte sa chlàr.

Tha leabhraichean latha airson Barraigh air an tasgadh ann a Leabharlann Bàgh a' Chaisteil (mur a tha rud diofaraichte sgrìobhte)

Bòrd Sgoile Uibhist a Deas / Fo-chomataidh Foghlam Sgìreil

Air a stèidheachadh ann an 1872, chaidh dleasdanasan buird nan sgoiltean a gabhail thairis le roinn an fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar ann an 1975.

Chan eil claran trath buird nan sgoiltean air an cumail. Tha paipearan comataidhean ro 1975 aig Tasglann nan Eilean Siar. Tha na claran a' leanas air an tasgadh:

Sgoil Bàgh a' Chaisteil:

Clàran air an tasgadh leis an sgoil

Sgoil Baile na Creige:

Clàran air an tasgadh ann a Leabharlann Bàgh a' Chaisteil:

Admission register 1875-1897, admission register 1901-1972 (closed until 2073), 3 log books 1904-1944, 1943-1981, 1981-2002 (closed 2103), Evening class log book 1898-1912, Daily registers (closed for 100 years) 1957-2002

Sgoil Eòlaigearraidh:

Chan eil clàran air an tasgadh airson Sgoil Eòlaigearraidh

Sgoil Ghrinn:

Clàran air an tasgadh ann a Leabharlann Bàgh a' Chaisteil:

Log book 1910-1963, admission register 1959-1999 (closed until 2064), daily registers closed for 100 years)

Clàran air an tasgadh le Comunn Eachdraidh Barraigh agus Bhatarsaigh:

Timetable 1910, Headteacher circulars and correspondence with Scottish Education Department 1916-1963

Sgoil Mhiughalaigh:

Clàran air an tasgadh ann a Leabharlann Bàgh a' Chaisteil:

Log book 1875-1910 (digital version available at http://www.cne-siar.gov.uk/archives/logbooks/mingulaylog/index.html

Clàran air an tasgadh ann a Leabharlann Bàgh a' Chaisteil:

Admission register 1881-1894

Sgoil Am Bàgh a Tuath:

Clàran air an tasgadh ann a Leabharlann Bàgh a' Chaisteil: 

Log books 1882-1960, Evening class log book 1895-1901 

Sgoil Bhatarsaigh:

Clàran air an tasgadh ann a Leabharlann Bàgh a' Chaisteil:

Log book 1910-1964, Log book 1964-1989 (closed for 30 years), Log book 1989-1994 (closed until 2024) all kept at Castlebay School Library

Claran air an tasgadh aig Comunn Eachdraidh Barraigh agus Bhatarsaigh:

Admission register 1910-1928 (closed for 100 years, open in 2029) kept with CE

 

3          CLÀRAN A CHAIDH A THOIRT DHAN TASGLANN

Tha na clàran a' leanas ri fhaighinn tro Tasglann nan Eilean Siar ann a Steòrnabhagh.

Seirbheis Bhanaltraim Sgìre Uibhist a Tuath agus Barraigh

Ledger accounts 1927-1940

            Sea Cadets Bharraigh

            Minute Book 1944-1958

 

4          FREUMHAN EILE

Tha grunnd clàran feumail a tha a' buntainn ri Barraigh aig daoine gu dìomhair agus aig buidhnean saor-thoileach. Chan eil riaghaltean ann a tha ag radh gun feum na seilbhadairean iad a shealltain ach tha daoine cuideachail agus deònach iad a shealltainn dha luchd rannsachaidh. Tha na buidhnean a' leanas cuideachail agus feumail a thaobh rannsachadh:

Comunn Eachdraidh Barraigh agus Bhatarsaigh

Tha Comunn Eachdraidh Bharraigh agus Bhatarsaigh stèidhichte ann am Bàgh a' Chaisteil. Tha tòrr dealbhan aca còmhla ri clàran sgoiltean, taighean-sholais, bùthan na h-eilein agus sgioba saor-thoileach aig a bheil eòlas fad is farsaing! http://www.barraheritage.com/

Cladh Hallan

Chaidh am pròiseact seo a thoiseachadh leis an eaglais ann an Dalabrog, Uibhist a Deas a' dhèanamh ceangail eadar dealbhan digiteach Cladh Hallan agus clàran tiodhlaigeadh, clachan-cinn, pàipearan naidheachd na coimhearsnachd agus freumhan eile. Se goireas mìorbhaileach a tha seo airson luchd rannsachaidh eachdraidh theaghlaichean agus tha am pròiseact a leudachadh gu dà chladh ann am Barraigh. http://www.hallancemeterysouthuist.co.uk/

            Eaglaisean

Se goireas feumail dha luchd rannsachaidh a th' ann a clàran na h-eaglaise. Tha na clàran air an tasgadh aig na h-eaglaisean fhein ach tha clàran an eaglais Chatligeach air an tasgadh ann an Dùn Èideann www.scottishcatholicarchives.org.uk   

Stòras Uibhist

Airson grunnd bhliadhnaichean, bha Eilean Bharraigh agus na h-eileanan timcheall orra fo buaidh oighreachd Uibhist a Deas. Tha clàran na sgire a-nis mar pàirt de chlàran Stòras Uibhist.  Gheibh sibh beagan fiosrachaidh mu na clàran aca aig http://prodigia.wordpress.com/

 

Fàg beachd