tasglann

FAQs

A bheil Tasglann nan Eilean Siar a cumail clàran tasglann?

Tha an Tasglann airson daoine aig a bheil ceist co-cheangailte ri tasglann taobh na Comainn Eachdraidh, gnìomhachasan agus buidhnean eile aig a bheil clàran. Tha an Tasglann a tabhann cothroman cleachdaidh air clàran Comhairle nan Eilean Siar agus na buidhnean a bh' ann ro a' Chomhairle.

An urrainn dha luchd cleachdaidh gach clàr a tha air a mhìneachadh air an làrach-lìn fhaicinn?

Far a bheil clàran air an cumail aig daoine gu dìomhair mar eisimpleir, aig gnìomhachas no buidhnean, tha e an urra dhaibh cead a thoirt air cleachdaidh. Air sgaths an Achd Dìon Dàta, chan fhaod cuid de chlàran a bhith air an cleachdadh airson gu bheil fiosrachadh pearsanta ri fhaicinn air daoine a tha fhathast beò. Chan urrainnear na clàran seo fhosgladh airson ceud bliadhna. Far a bheil clàran a tighinn fo bhuaidh na h-Achd, thig seo a mhìneachadh an toiseach.

Ciamar a tha mi a faighinn cothrom air clàran a tha air an cumail aig riaghaltas ionadail, Comainn Eachdraidh agus gnìomhachasan?

Ma tha sibh airson fios a chur gu Comunn Eachdraidh no buidheann dualchas, tha am fiosrachadh aca ri fhaighinn tro na duilleagan airson buidheann dualchais a tha ri fhaighinn air an làrach-lìn seo. Ma tha sibh airson clàran a tha air an cumail aig daoine gu dìomhair, cur fios chun Tasglann an toiseach. 

A bheil sibh a tabhann seirbheis sinnsireachd?

Chan eil an Tasglann a tabhann seirbheis sinnsireachd ach dèanaidh sinn ar dìcheall ceistean sìmplidh a fhreagairt air sgaths gu bheil tòrr fiosrachadh sinnsireachd ri fhaighinn sna clàran a tha sinn a cumail. Tha seirbheis an neach-clàraidh thairis air na h-Eileanan a cumail fiosrachadh air breith, pòsadh agus bàis agus fiosrachadh air cunntasan-sluaigh ach dh' fhaodadh gum bi cosgaidhean an lùib a bhith a' faighinn fiosrachadh. Tha tòrr fiosrachadh aig na Comainn Eachdraidh air sinnsireachd agus tha eòlas math aca. Tha leth-bhric den cunntasan-sluaigh aig Seirbheis an Leabharlann agus gheibh sibh fiosrachadh air breith, pòsadh agus bàis air loidhne tro http://www.scotlandspeople.gov.uk

A bheil cosgaisean an lùib a bhith a' tadhal agus a' cleachdadh tasglann?

Mar as trice, tha e saor an asgaidh clàran tasglann sna h-Eileanan an Iar a chleachdadh. Ach air sgaths gu bheil a mhòr chuid de Comainn Eachdraidh air nan ruithe gu saor-thoileach, bhiodh e math nam b' urrainn sibh tìodhlac beag a thoirt dhaibh.

An urrainn dhomh clàran a thoirt a-mach as an tasglann airson coimhead orra?

Chan fhaod sibh clàran a thoirt a-mach as an tasglann.

An urrainn dhomh leth-bhric a thoirt de clàran an tasglann?

Air sgaths gu bheil cuid de chlàran bristeach agus lag, chan fhaod sibh leth-bhric a dhèanamh. Faodaidh sibh camera gun flash a chleachdadh ach faighnich dha sgioba an tasglann an toiseach.

Beachdan

BrosMem | An Giblean 09, 2017

Tim McGraw is a famous country singer, so don't miss the possibility to visit http://timmcgrawtourtickets.com/ - Tim McGraw tickets wichita ks

JennMem | An Giblean 02, 2017

Zac Brown Band is a famous country singer, so don't miss the possibility to visit http://zacbrownbandtourconcerts.com/ - link

Fàg beachd