tasglann

Comunn Eachdraidh Uig

Mu dheidhinn

Chaidh Comunn Eachdraidh Uig a stèidheachadh ann an 1984 ag gabhail a-steach sgìrean Scaliscro gu Breanais agus cuid de na h-eileanan air cost an iar Leòdhais. Tha iad a gabhail a-steach Ardroil cuideachd far an deach lorg fhaighinn air na fir-tàilisg. Tha taigh-tasgaidh aca ann an Ionad Choimhearsnachd Uig a tha fosgailte thairis air an t-Samhraidh. Feumaidh sibh fios a chur thuca an toiseach ma tha sibh airson tadhal aig àm sa bi eile den bhliadhna. Tha innleachdas, dealbhan, mapaichean agus cidsin taigh-dubh ri fhaicinn. Tha cothrom ann coimhead air fiosrachadh sinnsireachd agus faidhlaichean air cuspairean ionadail cuideachd.

Cruinneachadh tasglann

Chuir Comunn Eachdraidh Uig fiosrachadh dha Hebridean Connections agus tha an fiosrachadh sinnsireachd aca ri fhaighinn air loidhne.

Eisimpleirean de chruinneachaidhean tasglann:

  • Beul aithris Oral histories
  • Leth bhric clàran sgìreil agus clàran oighreachdan
  • clàran comhairlaichean coimhearsnachd
  • Eachdraidh croitean agus sinnsireachd
  • Dealbhan
  • Clàr sgoilearan Sgoil Crabhlasta 1880-1964
  • Clàran sgoilearan Sgoil Islibhig (Breanais)
  • Clàran sgoilearan Sgoil Loch Croistean 1879-1968
  • Clàran sgoilearan Sgoil Mhangarstaidh 1912-1969
  • Clàran sgoilearan 1887-1971, clàr làthair Sgoil Bhaltos 1921
  • Clàran sgoilearan 1994-2000 Sgoil Uig

Cuir Fios

Seòladh

Uig Museum, Ionad Choimhearsnachd Uig, Timsgearraidh, Eilean Leòdhas, HS2 9JT

Uairean fosgailte

 

Post-dealain

museumuig@yahoo.co.uk

Làrach-lìn

www.ceuig.co.uk

A’ gabhail a-steach

Kinlochroag, Morsgail ,Gisla, Enaclete, Geshader, Carishader, Miavaig and the Valtos Peninsula, Aird, Crowlista, Timsgarry, Ardroil, Carnish, Mangersta, Islivig, Brenish, Mealista

 

 

Fàg beachd