tasglann

Seallam!, Urras Dualchas An Taobh Tuath agus Bill Lawson

Mu dheidhinn

Tha an goireas sinnsireachd Cò Leis Thu? stèidhichte air rannsachadh Bill agus Chris Lawson, dithis a tha ainmeil gu h-eadar nàiseanta airson an eòlas a th' aca air sinnsireachd theaghlaichean Eileanan Siar Alba. Chaidh rannsachadh a dhèanamh air, an ìre mhath, gach taigheadas a tha air a bhith anns na h-Eileanan Siar thairis air an 200 bliadhna a chaidh seachad agus chaidh stòr-dàta a chruthachadh le barrachd air 30,000 craobhan theaghlaich le fiosrachadh air eilthirich a chaidh a Chanada, gu Na Stàitean, a dh' Astràilia etc. Bha e a-riamh duilich làrach theaghlaichean a lorg sna h-Eileanan air sgaths nach robh cothrom air goireasan foirmeil ach le Cò Leis Thu, tha e a-nis comasach rannsachadh a dhèanamh air ais gu c1750-80 agus uaireannan, nas fhaide. Chaidh Cò Leis Thu a thiodhlac gu Urras Dualchas An Taobh Tuath agus tha e stèidhichte aig ionad Seallam.

Cruinneachaidhean

Freumhan: Cunntasan sluaigh 1841-1901 (clàr-amais ri fhaighinn air cunntasan 1851 agus 1901), Old Parish Registers (Eaglaise na h-Alba agus Caitligeach), Pàipearan Oighreachdan (ag gabhail a-steach clàran màl), Liostaichean eilthirich a riaghaltas, pàipearan riaghaltas agus freumhan eile. Gheibh sibh fiosrachadh bho Clàr Catharra Breith, Bais agus Pòsadh.

Beul aithris: Tha na clàran sgrìobhte aig diofar ìrean de inbheachd sna h-Eileanan an Iar ach bha cleachdaidhean beul aithris cumanta a-riamh. Air sgaths gur e ann an Gàidhlig a tha na clàran seo, tha iad gu tric nas seasmhach na feadhainn a chaidh a sgrìobhadh sa Bheurla. Tha beul aithris a gabhail a-steach òrain, sgeulachd agus càideas eadar theaghlaichean.

Eilthireachd: Nuair a thig luchd-tadhal chun an Eilein airson rannsachadh sinnsireachd a dhèanamh, tha an-comhnaidh briseadh-dùil aca air sgaths dìth fiosrachadh air dè rinn no càite an deach teaghlaichean as deidh eilthireachd. Bhiodh e feumail fios a bhith air dè an eilean/sgìre a dh' fhàg iad, càite an deach iad, fiosrachadh bho cunntasan sluaigh, far-ainmean theaghlaichean/sloinneadh. Leis an fhiosrachadh seo, tha e nas fhasa fiosrachadh fhaighinn a-mach air bailtean agus teaghlaichean agus cuideachd, ceangalaidhean a dhèanamh le eadar dàimheach a tha fhathast san àite.

Cuir Fios

 

Seòladh

Seallam! Visitor Centre, Northton, Na Hearadh, HS3 3JA

 

Fòn

01859 520 258

 

Post-dealain

info@seallam.com

 

Làrach-lìn

http://www.seallam.com

A’ gabhail a-steach

Eilean Leòdhas, Na Hearadh, Uibhist a Tuath, Beinn a Fhaoghla, Uibhist a Tuath, Barraigh ahis na h-eileanan timcheall agus fiosrachadh mu eilthireachd nan eilean.

 

Fàg beachd