tasglann

Comunn Eachdraidh an Rubha

Mu dheidhinn

Thòisich Comann Eachdraidh an Rubha ann an 1982. Tha e a’ gabhail a-steach sgìre an Rubha seachad air a’ Bhràighe, chun ear air Steòrnabhagh. Bha dachaigh a’ chomainn an toiseach an Taighsgoile na h-Airde far an robh rùm airson taisbeanaidhean agus airson stòraidh, ach b’eudar an àite sin fhàgail nuair a chaidh an taighsgoile a reic. Anns an Fhaoillleach 2014, an deidh grunn bhliadhnachan gun dhachaigh, fhuair an Comann Eachdraidh àite ann an seann Sgoil a’ Chnuic, a tha fo stiùir buidheann coimhearsnachd, Urras Storas An Rubha. Tha pròiseact ath-leasachaidh don togalach gu lèir ga dheasachadh an-dràsta. Bheir seo àite airson taisbeanaidhean, stòradh agus oifis, air a’ Chnoc.

B’ann air bùthan agus ceananchd a a bha a’ chiad thaisbeanadh an dèidh gluasad chun a’ Chnoc. Dh’obraich an Comann Eachdraidh comhla ris a’ choimhearsnachd ann a bhith a’ foghlam mun chuspair agus chaidh iomadh rud eachdraidheail a thoirt seachad airson an taisbeanaidh. Chòrd e gu mòr ri luchd-tadhail, eadar muinntir na sgire, aig taigh ’s bho thaigh, agus ri luchd-turais. Tha ùrachadh a’ Chomainn Eachdraidh air misneachd a thoirt do dhaoine gnothaichean a thoirt seachad airson a’ chruinneachaidh mhaireannaich.

Thug an Comann Eachdraidh mòran fiosrachaidh, stuthan agus cuimhneachain do thaisbeanadh sonraichte mun Chiad Chogadh Mòr a bha anns An Lanntair bhon Damhar gun Dùbhlachd 2014. Chaidh cuid den stuth a thoirt air iasad airson taisbeanadh den aon sheòrsa a bha anns Na Hearadh sa Mhàrt 2015. Bha an obair seo mar bun-stèidh don taisbeanadh air a’ Chiad Chogadh a tha aig a’ Chomann Eachdraidh an-dràsta, a bhios fosgailte gus an toisich an obair ath-leasachaidh air Sgoil a’ Chnuic.

Tha fiosrachadh dà-chànanach anns na taisbeanaidhean, leis a’ Ghàidhlig a’faighinn priomhachas.

Cruinneachadh tasglann

  • Dealbhan
  • Clàran ionadail

Cuir Fios

Cuir Fios

Làrach-lìn

enquiries@tasglann.org.uk

www.facebook.com/Comann-Eachdraidh-an-Rubha-661219397275405

A' gabhail a-steach Aiginis, An Cnoc, Suardal, Pabail, Pabail Uarach, Pabail Iarach, Gàrabost, Seiseadar, An Àird, Na Fleisirean, Port Mholair, Port nan Giùran, Tiumpain Head

 

Fàg beachd