tasglann

Comunn Eachdraidh Na Lochan (Tuath)

Leurbost Community Centre, the home of North Lochs Historical Society

Mu dheidhinn

Chaidh Comunn Eachdraidh na Lochan (Tuath) a stèidheachadh ann an 1988 agus tha dusan luchd saor-thoileach dha ruith. Tha iad ag obair a-mach à Ionad Choimhearsnachd Liùrbost agus tha iad ag gabhail a-steach sgìrean Rànais, Crosabost, Grimsiadar, Liùrbost agus An Acha Mòr.

Tha iris ràitheil a tighinn a-mach Dusgadh, agus tha iad air clàran urraim fhoillseachadh airson a chiad agus an darna cogaidh, Balach a Griomiader, A' Leantainn na Mara - bàrdachd Dòmhnall Aonghas Macleòid à Rànais agus Glaschu, Laoich nan Òrain agus leabhraichean na fòn agus leabhraichean air comharraidhean cluasan bheathaichean sa sgìre. Bidh iad ag ullachadh cuairtean sa sgìre agus dh' fhoillsich iad leabhran air coiseachd cuideachd.

Bidh iad a cumail oidhcheannan Buntata agus Sgadan agus bidh tachartasan agus cuairtean a dol tron bhliadhna.

Cruinneachaidhean tasglann

  • Eachdraidh chroitean Rànais (le Bill Lawson)
  • Eachdraidh croitean Chrosabost (le Bill Lawson)
  • Eachdraidh croitean Ghrimsiadar (le Bill Lawson)
  • Clàran cladh Chrosabost
  • Faidhlaichean air cuspairean ionadail
  • Dealbhan

Cuir Fios

Seòladh

c/o Thalla Choimhearsnachd Liùrbost, Liùrbost, Eilean Leòdhas 

 

Fòn

Donna Fairbairn

01851 860427

Post-dealain

info@northlochshistoricalsociety.org

Làrach-lìn

Tha duilleag Facebook aig a' Chomunn. Lorg North Lochs Historical Society

 

A' gabhail a-steach Acha Mòr, Crosabost, Grimiseadar, Liùrbost, Rànais

 

 

Fàg beachd