tasglann

Comunn Choimhearsnachd Ghriomasaigh

Grimsay Centre

Mu Dheidhinn

’S e comunn dualchais is eachdraidh do dh’eilean Ghriomasaigh a th’ann an Comunn Choimhearsnachd Ghriomasaigh (CCG), coimhearsnachd croiteadh agus iasgach eadar Beinn na Faoghla agus Uibhist a Tuath, anns na h-Eileanan an Iar. Tha CCG a’ ruith ionad dualchais agus ionaid luchd-tadhail Ceann na h-Àirigh, seann Eaglais Saor an eilein, a thogadh muinntir an eilean fhèin agus far a dh’adhradh iad. Thathar tric a’ cumail bùitean-obrach, taisbeanaidhean, tachartasan, òraidean agus cèilidhean, a’ glèidheadh agus a’ taisbeanadh dualchas an eilein agus fìor dhualchas nan Gàidheil. ’Se an Grimsay Boat Haven soirbheachadh is ùire CCG, agus b’e a’ chiad ionad dualchas mhara anns na h-Eileanan an Iar. Thathar a’ glèidheadh, a’ taisbeanadh agus a’ mìneachadh cuid dhen na h-eisimpleirean is fheàrr de dh’eathraichean Ghriomasach nan Stiùbhartach, stoidhle de bhàta fiodha a tha aithnichte air feadh na dùthcha. Tha am Boat Haven a’ cuir ri slighe nan eathraichean Ghriomasach, a’ ceangal trì àitichean cudromach eachdraidheil timcheall an eilein.

Cruinneachaidhean Tasglann

Tha Tasglann Ghriomasaigh ann an Ceann na h-Àirigh. Air a chumail anns an tasglann tha:

  • eachdraidh shòisealta, eachdraidh ionadail agus cleachdaidhean Ghrioamsaigh
  • pròiseactan choimhearsnachd ann an Griomasaigh
  • Eathraichean Ghriomasach nan Stiùbhartach
  • Latha nam Bàtaichean (1999-2011)
  • the Grimsay Boat Shed (eachdraidh, leasachadh agus cùrsaichean trèanaidh)
  • Heisgeir
  • clàran iasgaich nam bàtaichean beaga ann an Uibhist 1945 - 1968 (Creek Books)

Cuir Fios

Seòladh

Ceann na h-Àirigh,Sgotbheinn, Griomasaigh, Uibhist a Tuath, HS6 5JA

Uairean fosgailte

11am - 4pm, Dimàirt - Dihaoine tron bhliadhna (cuir fios thugainn ro thuras mòr)

Àireamh-fòn

01870 603359

Post-dealain

info@grimsay.org

Làrach-lìnn https://www.grimsay.org/

Sgìrean

Griomasaigh, Heisgeir