Comunn Eachdraidh Bheàrnaraigh
Mu dheidhinn About
Tha Comunn Eachdraidh Bheàrnaraigh stèidhichte aig Taigh an Nurs. Tha an togalach fosgailte tron t-Samhraidh airson luchd-tadhal.
Chaidh a chur ri cruinnechaidhean a' Chomunn Eachdraidh tro diofar phroiseactan. Se proiseact dà bhliadhna a bh' ann an Dileab Bheàrnaraigh (2008-2010) far an do chuir iad na dealbhan agus stuth innleachdais aca ann an cruth digiteach. Se proiseact beul-aithris a bha ann an Guthan Bheàrnaraigh (Berneray Voices) a chruinnich òrain Ghàidhlig le ceangail ris a sgìre agus airson ionnsachadh an cànan a bhrosnachadh. Tha am proiseact A' tilleadh ar n-eachdraidh dhachaigh (Bringing Our History Home) a' cruinneachadh fiosrachadh agus stuth tasglann a tha a' buntainn ris an Eilean. Thig leabhran fhoillseachadh aig deireadh a' phroiseict agus bidh co-labhairt ann a Thalla Choimhearsnachd Bheàrnaraigh air 3 Lùnasdal 2012.
Cruinneachaidhean tasglann
Chuir Comunn Eachdraidh Bheàrnaraigh fiosrachadh ri Hebridean Connections agus tha a mhòr chuid den fhiosrachadh sinnsireachd aca ri fhaighinn air loidhne
- Dealbhan
- Sinnsireachd/Eachdraidh croitean
-
Clàr sgoilearan Sgoil Bheàrnaraigh 1838-1940 (leth-bhric)
-
Litir ruaig an fhearainn 1921
Cuir Fios
Seòladh |
The Nurse's Cottage, Backhill, Berneray, HS6 5BD |
Uairean fosgailte |
An t-Òg Mhios - An Lùnasdal 11m - 3f. Ma tha sibh airson uair eile fhaighinn, leig fios. |
Ainm |
Andrew Ross, Secretary |
Fòn |
01851 525001 |
Post-dealain |
|
Làrach-lìn |
|
A' gabhail a-steach | Eilean Bheàrnaraigh (Na Hearadh) |
Fàg beachd