tasglann

Comainn Eachdraidh

Tha na Comainn Eachdraidh air tòrr obair a dhèanamh a thaobh leasachadh dualchais nan Eilean. Tha buidheann Comunn Eachdraidh aig a' mhòr chuid de sgìrean, le saor-thagraichean ag obair aca a' cruinneachadh stuth sinnsireachd, dealbhan, beul-aithris, innleachdas agus clàran tasglann. Tha fiosrachadh mionaideach sna cruinneachaidhean seo agus tha iad a' toirt ìomhaigh dhuinn air gach coimhearsnachd - ìomhaigh nach fhaighear ann an àite sam bi eile.  

Còmhla ri na Comainn Eachdraidh, tha buidhnean eile sna h-Eileanan ag obair air dualchas a leasachadh - Hebridean Connections, Urras Leabhraichean nan Eilean, Angus Macleod Archive, Northton Heritage Trust agus Western Isles Transport Preservation Group.

Gheibh sibh a-mach barrachd air na buidhnean seo agus na clàran aca gu h-ìosal.

Mapa

Tha am mapa seo a' sealltainn na sgìrean a tha gach Comunn Eachdraidh a' gabhail a-steach. Gheibhear cuideachd ceanglaichean airson fios a chur thuca

Leugh Barrachd