tasglann

Clàran Sgoile

Chruthaich Achd an Fhoghlaim (Alba) 1872 foghlam na stàid.  Chaid bùird sgoiltean a' stèidheachadh thairis air na h-Eileanan an Iar ahus dh'fhosgail sgoiltean fa leth, gach tè a' cumail clàran sgoile man leabhraichean latha.

Leabhraichean Latha

Tha leabhraichean latha agus clàran sgoile air an cumail aig na leabharlannan ann an Steòrnabhagh, An Tairbeirt, Lionacleit agus Bàgh a' Chaisteil. Tha Comainn Eachdraidh Nis, Uige agus Bàgh a' Chaisteil a' cumail leabhraichean latha agus clàran sgoile eile. Tha fiosrachadh na Leabharlannan ri fhaighinn an seo.

Air sgaths an Achd Dìon Dàta, tha clàran sgoile, far am faodadh fiosrachadh pearsanta a bhith, dùinte chun an luchd poblach airson ceud bliadhna. Ma tha sibh airson fiosrachadh sam bith fhaighinn a-mach a dh' fhaodadh a bhith anns na clàran seo, cuir fios chun an Tasglann agus nì sinn sgrùdadh air do shon.  

Leabhraichean Latha Sgoil Hiort agus Sgoil Mhiughalaigh

Chaidh leabhraichean latha Hiort agus Miughalaigh a chur ann an cruth digiteach tro com-pàirteachas eadar Tasglann nan Eilean Siar agus Clàran Nàiseanta na h-Alba. Chì sibh iad air loidhne. 

Clàran Buird nan Sgoiltean agus Comataidh an Fhoghlaim

Tagh air ceangail sam bi gu h-ìosal airson liosta fhaicinn air gach cruinneachadh a th’ air stòr-data an tasglann.

Barra School Board / Management Committee etc., 1888-1966

North Uist School Board / Management Committee etc., 1893-1947
 
Harris School Board / Management Committee etc., 1918-1975
 
Lewis School Management Committee / Education Sub-Committee, 1869-1974
 
 
 
Lochs School Board, 1873-1919
 
 
Uig School Board, 1873-1919
 
Trustees of the Nicolson Institution, Stornoway, 1870-1888  

 

Fàg beachd