tasglann

Stòr-dàta an tasglann

Airson lorg fhaighinn air clàran san stòr-dàta, put an seo no cleachd am bucas lorg aig mullach na duilleige agus tagh “catalogue”. Fosglaidh an stòr-dàta ann an uinneag ùr.
 
Tha fiosrachadh ri fhaighinn air an stòr-dàta mu clàran a tha air an tasgadh le ùghdarrasan ionadail, Comainn Eachdraidh, a’ choimhearsnachd, gnìomhachais agus aig daoine gu prìobhaideach. Tha catalogan mionaideach ri fhaicinn agus catalogan far nach eil ann ach beagan fiosrachadh. Tha fios san stòr-dàta air clàran a tha a buntainn ri na h-Eileanan ach a tha air an tasgadh air feadh na h-Alba. 
 
Chan eil a h-uile cruinneachadh a th’ ann a Innse Gall air an stòr-dàta. Tha an obair airson am fiosrachadh seo a chur air loidhne a’ dol fad na h-ùine. Ma tha ceist sònraichte agad, leig fios. 
 
A’ cleachdadh na cruinneachaidhean
Tha na cruinneachaidhean air an tasgadh air feadh Innse Gall. Tha fiosrachadh conaltraidh aig gach ceangal air càite bheil gach cruinneachadh air an tasgadh.
 
A’ lorg clàran san stòr-dàta 
Cuir facal no do chuspair dhan bhucas lorg aig mullach na duilleige air làrach-lìn www.tasglann.org.uk agus tagh air “catalogue”.
 
Fosglaidh uinneag ùr far am bi fiosrachadh mun chuspair air a bheil sibh a’ lorg. Troimh stòr-dàta, tha an cothrom ann cuspair a chur sa bhucas lorg aig mullach na duilleige.
 
A’ lorg fiosrachadh
Tha gach cruinneachadh a’ tighinn fo iomadh chuspair. Dh’ fhaodadh seo a bhith feumail ma tha thu airson beachd fhaighinn air dè seòrsa clàran a tha air an tasgadh.
 
Chì sibh cruinneachaidhean sna dìofar dhòighean a’ leanas.
 
  • Cruinneachaidhean
Chì sibh gach tiotal sa stòr-dàta. Faodaidh sibh tagh cruinneachadh fhaicinn leis am fiosrachadh mionaideach a tha a tighinn leotha. Ma tha catalog mionaideach ri fhaighinn, chì sibh seo air a làmh cheart dhan duilleige fo “cruinneachadh.”
 
  • Ainmean
Gheibh sibh liosta de ainmean pearsanta, ainmean theaghlaich agus ainmean buidhnean corporra. Tha ainmean ri fhaighinn co-cheangailte ri cuid de chruinneachaidhean ach ma tha ainmean air ainmeachadh sna clàran fhèin, cha nochd iad air an liosta lorg.
 
  • Àitichean
Tha ceangalaichean gu ainmean-àite troimh an stòr-dàta. Tha seo ann am Beurla ach ma chuireas sibh “An t-Ob” no “Obbe” dhan bhucas lorg, gheibh sibh “Leverburgh.”
 
  • Cuspairean
An seo, cleachd facal neo cuspair sònraichte a thaobh ur rannsachadh. Bidh e nas sìmplidh fiosrachadh air cruinneachaidhean fregarrach fhaicinn. 
 
  • Tasglann agus taigh-tasgaidh
Sa roinn seo, chì sibh liosta tasglann agus taighean-tasgaidh aig a bheil cruinneachaidhean an stòr-dàta. Ma thaghas thu ainm tasglann no taigh-tasgaidh, gheibh sibh liosta air na cruinneachaidhean a tha anns an stòr-dàta agus a tha san stòr-dàta. 
 

 

Fàg beachd