tasglann

Ceadachd agus dlighe-sgrìobhaidh

Bidh luchd-rannsachaidh tric airson leth-bhric de dhealbhan Comunn Eachdraidh fhoillseachadh, 's dòcha ann an tràchdas, leabhar no air prògram telebhisean.

Nuair a tha seo a tachairt, tha molaidhean ann gun bu choir ceadachd a bhith air a thoirt chun neachd a tha dhan cleachdadh. Dh' fhaodadh cosgaisean a bhith ann, gu h-àraidh ma tha an stuth gu bhith air a chleachdadh ann am margaidheachd.

Seilbh, dlighe-sgrìobhaidh agus ceadachd

Mus aontaich sibh cead cleachdaidh airson rud sam bi, faigh a-mach na leanas:

Cò leis a tha an sgrìobhainnean/dealbh?

Mus ann leis a' Chomunn Eachdraidh a tha e, cha bhith ceadachd na thrioblaid. Ach, ma dh' fhàg neach an stuth agaibh dìreach airson a ghlèidheil, feumaidh sibh comhairle a chur ris an aonta taisg agaibh. Tha e an urra ris an duine a tha airson na clàran seo fhaicinn cead cleachdaidh fhaighinn bho gach seibhadair. 

Cò aig a bheil dlighe-sgrìobhaidh?

Ged a tha seilbh agaibh air rud, chan eil sin a ciallachadh gu bheil dlighe-sgrìobhaidh agaibh air.

Tha dlighe-sgrìobhaidh aig an neach a chruthaich an dealbh no an clàr no an fhastaiche aca. Mar sin, le dealbh, tha dlighe-sgrìobhaidh aig an dealbhadair ach le litrichean, tha e aig an ùghdar. 'S dòcha gum bi dlighe-sgrìobhaidh aig barrachd na aon neach. Mar eisimpleir, bidh dlighe-sgrìobhaidh aig cuideigin airson an dealbh a tha air cairt-phuist agus bidh dlighe-sgrìobhaidh aig an duine a sgrìobh e cuideachd!

Faodaidh cuideigin uallach dlighe-sgrìobhaidh a thoirt seachad dha cuideigin eile agus tha seo uaireanan dha dhèanamh duilich fiosrachadh fhaighinn air cò aig a bheil dlighe-sgrìobhaidh.

Tha dlighe-sgrìobhaidh a tighinn gu crìoch thairis air ùine, gu tric, bliadhnaichean an deidh dhan duine aig an robh an dlighe-sgrìobhaidh bàsachadh. Air sgaths grunnd Achdan dlighe-sgrìobhaidh, tha an ùine seo an urra ri dè an seòrsa clàr a th' ann, an deit a th' air agus puingean eile. Faic leabhar Tim Padfield's Copyright for Archivists and Records Managers, 4th edn  (London: Facet, 2010) airson barrachd fiosrachadh. Tha an Tasglann deònach comhairle a thoirt seachad air air dlighe-sgrìobhaidh ach chan e comhairle lagh a tha seo.

Ceadachd

Ma tha neach airson leth-bhreac a dhèanamh air dealbh no sgrìobhainnean, tha e an urra ri sgioba an tasglann fiosrachadh dlighe-sgrìobhaidh laghail fhaighinn. Ma ghabhas a bhith, 's urrainn an Comunn Eachdraidh an neach cleachdaidh a chur a thaobh an neach aig a bheil dlighe-sgrìobhaidh ach tha an uallach air an neach cleachdaidh.

Air sgaths gu bheil eadar-dhealachadh eadar seilbh an stuth agus cò aig a bheil dlighe-sgrìobhaidh, tha molaidhean ann dha Comainn Eachdraidh ceadachd fhaighinn airson an neach cleachdaidh an stuth a chleachdadh airson fhoillseachadh. Ma tha an dlighe-sgrìobhaidh aig ur buidheann mar tha, chan eil trioblaid ann.

Cosgaisean Ceadachd

Tha Museum nan Eilean, Leabharlannan na h-Eileanan Siar agus Tasglann ann Eilean Siar air cosgaisean ceadachd a chruthachadh. Gheibh sibh iad air taobh deas den duilleige seo. Chaidh a chruthachadh leis a bhith ag obair le taighean-tasgaidh agus tasglann eile agus mar sin, tha iad a buntainn ri Comainn Eachdraidh agus 's urrainnear an cleachdadh.

Feumaidh sibh cunntas ceadachd a chumail agus tha eisimpleirean ri fhaighinn air an duilleig seo. Cuimhnichibh mìneachadh gum bu choir dhan Chomunn Eachdraidh a bhith air ainmeachadh mar far an d'fhuair iad am fiosrachadh aca.

Cosgaisean airson leth-bhric

Còmhla ri a bhith a' cur cìs mu choinneimh a bhith a' cleachdadh dealbhan, tha e cumanta cìsean a chur mu choinneimh a bhith a' dèanamh leth-bhric. Gheibh sibh a-mach barrachd air na cosgaisean seo anns am pìos comhairle a tha ri fhaighinn air an duilleig seo.

Fàg beachd