tasglann

Cuairt-litir

Tha cuairt-litir dà-chànanach ràitheil aig an Tasglann a bheireas fiosrachadh mu thachartasan agus leasachaidhean a' phròiseict. Gheibh sibh i anns a' Bheurla ma bhrutheas sibh am putan Beurla aig mullach na duilleige. 

Iris 8 (Mhàirt 2013)

Faigh a-mach barrachd air an obair a tha an Tasglann air a dhèanmah le Comainn Eachdraidh Uibhist a Tuath agus Ceann na Loch, taisbeanadh a rinn sgioba an Tasglann aig Comunn Eachdraidh Nis agus soraidh slàn ri Katie Anne Niciomhair, neach cuideachaidh a' phròiseact

Iris 7 (Lùnasdal 2012)

Fiosrachadh air an co-labhairt a tha an Tasglann a' cumail air Achd an Fhoghlaim 1872 agus am buaidh a rinn sin air a' Ghàidhlig, neachdan-cleachdaidh a' tadhal air an Tasglann bho thall tharis agus an làrach-lìn ùr.

Iris 6 (An Cèitean 2012)

Aithris air turas a ghabh sinn a dh' Uibhist agus Bharraigh, taisbeanadh David An Archives Tour of Stornoway gu Stornoway Historical Society agus beagan mu phròiseact Chomunn Eachdraidh Bheàrnaraigh Bring Our History Home.

Iris 5 (Am Faoilleach 2012)

Aithris air pròiseact nan sgoiltean, le maoineachadh bho maoin GLAIF aig Bòrd na Gàidhlig, ag obair còmhla ri Comainn Eachdraidh agus coimhearsnachdan airson eachdraidh nan sgoiltean sna sgìrean aca a chruinneachadh.

Iris 4 (An Damhair 2011)

Iris air clàran gnìomhachais. Bhruidhinn sinn air an cuideachadh agus an comhairle a tha sinn air a thoirt dha gnìomhachasan a thaobh a bhith a' gleidheil clàran. Chleachd sinn na h-eisimpleirean den obair a rinn sinn aig Ùghdarras Clò Hearadh, Co-Chomunn na Pairc agus oighreachdan.  

Iris 3 (An t-Iuchar 2011)

Iris air trèanadh agus tachartasan sonraichte. Beagan air trèanadh airson obair sgrùdaidh a chaidh a dhèanamh còmhla ri Comunn Eachdraidh Tholastaidh agus aithris air na tachartasan Barra to Berneray agus Links across the Atlantic.

Iris 2 (An Giblean 2011)

Thàinig Donna a dh' obair còmhla ris an sgioba, beagan air measaidhean gleidheaidh agus an obair sgrùdaidh a tha sinn air a dhèanamh.

Iris 1 (An t-Sultain 2010)

A' coinneachadh an sgioba agus beagan mu a chiad cruinneachadh air an deach obair sgrùdaidh agus clàran Urras Ostailaidhean Gatliff.

Fàg beachd