tasglann

Seann bhùthan Steòrnabhaigh

Air an 11mh den Lùnasdal 2011, bha Leabharlann Steòrnabhaigh làn dhaoine a thàinig a dh' èisteachd ri Norrie MacGriogair, Calum Dòmhnallach agus Sandy MacMhathain a' bruidhinn air an eòlas a bh' aca air seann bhùthan Steòrnabhaigh.

Chaidh dà bhòrd thaisbeanaidh a chruthachadh eadar Stornoway Historical Society agus an Tasglann agus chaidh iad fhoillseachadh oidhche an tachartais.

  

Sandy, Norrie agus Calum

Tha seann dhealbhan agus fiosrachadh air na bùthan ri leugadh anns a Leabharlann - fiosrachadh air bùth Ùisdean MacMathain, bùth Ruairidh Mac a' Ghobhainn, bùth Thèarlaich agus bùth Seumus MacCoinnich. Chòrd an oidhche ri gach duine a bha an làthair!

Fàg beachd