tasglann

Beàrnaraigh gu Barraigh: Clàran

Air 7mh Mhàirt 2011, chaidh co-labhairt a chumail airson cothrom a thoirt dha Comainn Eachdraidh Bheàrnaraigh, Uibhist a Tuath, Beinn a' Fhaoghla, Uibhist a Deas, Eirisgeidh agus Barraigh a thighinn còmhla airson bruidhinn air na cruinneachaidhean aca agus an eòlas a th' aca air a bhith ag obair mar Comainn Eachdraidh. Thug seo an cothrom dhaibh coinneachadh agus conaltradh a dhèanamh eadar iad fhèin. Bha luchd-ionaid ann bho pròiseactan a tha stèidhiche ann an Leòdhas cuideachd. Chaidh taisbeanaidhean agus bùthan-obrach a chur air bhog agus bha an cothrom ann sùil a thoirt air clàran diofaraichte.  

Proiseact Cladh Hallan

Rinn Sandy Stephens taisbeanadh air an obair a rinn i air Cladh Hallan, Uibhist a Deas. Chleachd am proiseact teicneolas GPS airson aithneachadh far an robh daoine air an tiodhlaicadh. Thog i an uairsin dealbhan de na clachan-cinn agus an sgrìobhadh aca agus rinn i ceangal le clàran tiodhlaicadh na sgìre. http://www.hallancemeterysouthuist.co.uk/

Tasglann nan Eilean Siar: Adhartas gu seo

Dh' innse David Powell mu amasan a' phroiseict, adhartas agus an comas a th' ann co-obrachadh a dhèanamh le buidhnean eile a tha an sàs ann a roinn an dualchais.

Tasglann nan Eilean Siar: 7 May 2011

Chaidh cothroman treànaidh a thairgse gu na Comainn Eachdraidh air sgilean clàraidh airson an cleachdadh le na cruinneachaidhean aca fhèin, anns na suidheachaidhean fa leth aca fhèin. 

Dìleab Bheàrnaraigh, Guthan Bheàrnaraigh agus pròiseactan eile

Rinn Alison Dix taisbeanadh air proiseact Guthan Bheàrnaraigh a bha airson òrain Gàidhlig à Beàrnaraigh a ghlèidheadh agus ionnsachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh. An dèidh ceilidhean soirbheachail a chumail, ris an do chuir an coimhearsnachd tòrr, tha clàran èisteachd ri chluinntinn aig http://www.guthan.wordpress.com agus thig na clàran èisteachd seo a chur ri làrach-lìn a’ Chomunn Eachdraidh fhèin. Faic www.isleofberneray.com agus a' tighinn a dh' aithghearr www.bernerayhistorical.com

Se "Dìleab Bheàrnaraigh “ an ainm a tha air a' phròiseact as ùire aca. Tha seo ag amas air am buaidh a bh' aig eilthirich Bheàrnaraigh air na coimhearsnachdan ùr aca a ghlacadh. Thig co-labhairt a chumail ann an 2012, tha Sgoil Lionacleit ag obair air pascain foghlam agus bidh neach-obrach ag obair air a' phroiseact, a' rannsachadh a' chuspair.

Seisean bùthan obrach

An-deidh lòn, chaidh trì bùthan obrach a chumail le diofar chlàran. Bhruidhinn David air na trì  seòrsaichean clàr a th' ann a thaobh Lagh nam Bochd, a' leanntainn sgeulachd cuideigin à Barraigh tro gach clàr. Bha cothrom ann clàran fhaicinn air an robh milleadh ann an diofar dhòighean. Bha bòrd eile ann far an robh clàran ùghdarras ionadail aig an robh buinteanas ri na h-Eileanan a Deas.

Hebridean Connections

Thug Donnie Moireasdan, bho Hebridean Connections, ro-ràdh seachad air an làrach-lìn a chaidh a' stèidheachadh le ceithir Comainn Eachdraidh à Leòdhas airson dàta sinnsearachd. Tha an làrach-lìn air a chruthachadh ann a dòigh far a bheil ceangalaidhean ri fhaighinn tro dhealbhan, bailtean agus innleachdas. Bhruidhinn Donnie air an fhiosrachd a fhuair iad air ais mun làrach bho luchd-cleachdaidh agus bhruidhinn e air cho soirbheachail agus adhartachail a bha an cuideachadh a thug na Comainn Eachdraidh seachad. Bhruidhinn e air an ceangail a tha eadar cruinneachaidhean gach buidheann.  

Tha an làrach-lìn ag obair còmhla ri Oilthigh Obar Dheathain agus iad an dòchas stòraichean-data atharrachadh gu fuasglaidhean fosgailte agus tha taic ri fhaighinn airson a' phroiseict a thoirt chun na h-ìre seo. Thug Donnie cuireadh gu gach Comainn Eachdraidh tro na h-Eileanan an Iar a bhith a sàs anns an ath cheum dhan a' phroiseict.  http://www.hebrideanconnections.com/

An Caidreachas – De tha a' tachart ann a Leòdhas agus Na Hearadh

Bhruidhinn Aonghas Macleòid agus Anna NicSuain air dreuchd na Caidreachais agus mhìnich iad cho cudromach sa bha gach Comainn Eachdraidh ach gun robh e nas cudromaiche fhathast a bhith a' tighinn còmhla gu tric airson gu bheil am buidheann nas làidir nuair a tha iad ag obair comhla. Tha e cudromach a thaobh dreuchd na Caidreachais gu bheil conaltradh math, èifeachdach eadar An Caidreachais agus An Comhairle. Bhiodh na coinneamhan seo math cuideachd airson fios a chumail aig gach neach air de na planaichean agus proiseactan a th' aig gach buidheann.

Geàrr chunntas:
Ann an geàrr chunntas an latha:
  • Tha na Comainn Eachdraidh airson barrachd lìonraidh a dhèanamh eadar iad fhèin
  • Feumaidh an lìonraidh seo a bhith an dà chuid foirmeil agus neo-fhoirmeil
  • Tha am bun-structair cudromach agus feumaidh taic a thighinn bho an roinn saor-thoileach agus An Comhairle
  • Tha trèanadh a dhìth air na Comainn Eachdraidh agus bhiodh e math nam b' urrainn Museum nan Eilean no an Tasglann trèanadh a thabhainn
  • Tha iad airson obrachadh còmhla ann an dòigh nas dlùth

 

Fàg beachd